Daoine àrd-inbhe bho ghnìomhachas, foghlam agus seirbheis phoblach a’ tighinn nam buill de Chùirt ±¬ÁÏTV

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (±¬ÁÏTV) air trì buill neo-eisimeileach ùra a chur an dreuchd sa bhuidheann-riaghlaidh aige. Bidh Karen Greaves, Michael MacDhòmhnaill agus an t-Oll Peter Mac’IlleRiabhaich ag obair còmhla ri buill làithreach Chùirt an oilthigh gus taic a thoirt do stiùireadh ro-innleachdail agus riaghladh ±¬ÁÏTV.

see full size image
Tiotal an deilbh: Cli gu ceart: Michael MacDhòmhnaill, Karen Greaves agus t-Oll Peter Mac’IlleRiabhaich.

’S i Karen Greaves Àrd-oifigear Gnìomha Chomhairle Mhoireibh agus ’s i Clàrc Lioftanatachdan Mhoireibh agus Shiorrachd Bhanbh. Thòisich i a cùrsa-obrach ann an riaghaltas ionadail mar mhicro-bhitheòlaiche le Comhairle Roinn nam Monadh Liath ann an 1995 mus do ghluais i gu Uisge na h-Alba. Às dèidh sin, thòisich Karen aig Comhairle Eileanan Arcaibh, far an robh i 23 bliadhna air ceann sheirbheisean ann an cùram sòisealta, goireasan foghlaim, togalaichean is talamh nan sgoiltean, cur-seachad is ionnsachadh fad-beatha, agus seirbheisean meadhanail. A bharrachd air a cùrsa-obrach san earrainn phoblaich, choisinn i gnàth-eòlas cuideachd ann an gnothachasan teaghlaich an earrainn mhalairt nan càraichean agus earrainn na h-aoigheachd.

’S e stiùiriche innleadaireachd àrd-ìre a th’ ann am Michael MacDhòmhnaill agus còrr is 30 bliadhna de ghnàth-eòlas aige ann an teicneolas meidigeach eadarnàiseanta tarsainn obrachaidhean, rannsachadh is leasachadh, agus riaghladh shèineachan-solair. Aig ìre thràth na chùrsa-obrach, bha làmh aige anns a’ chompanaidh ùir Inverness Medical Ltd, air an tugadh an t-ainm LifeScan an dèidh sin, a’ solarachadh bathar OneTouch do mhilleanan de dh’euslaintich is tinneas an t-siùcair orra air feadh an t-saoghail. Tha e dìoghrasach a thaobh leasachadh tàlaint agus chuidich e le bhith a’ cruthachadh phrògraman leasachaidh STEM an dà chuid taobh a-staigh LifeScan agus ann an com-pàirteachas le ±¬ÁÏTV.  Tha Michael cuideachd na bhall den Bhuidheann Fhastaidhearan WorkForce North, a’ toirt taic do leasachadh sgilean is tàlaint air feadh na Gàidhealtachd.

’S e an t-Oll Peter Mac’IlleRiabhaich Stiùiriche Cruinneil Margaidheachd Earrainneil aig Elsevier, far a bheil e air ceann pasgan de thoraidhean is seirbheisean bathair-bhuig do dh’earrainn an fhoghlaim àrd-ìre. Rè còrr is 15 bliadhna leis a’ chompanaidh, bha dreuchdan aige ann an riaghladh thoraidhean, riaghladh chunntasan agus com-pàirteachasan ri oilthighean air feadh an t-saoghail. Mus do thòisich e aig Elsevier, rinn Peter rannsachadh iar-ollamhach anns na Stàitean Aonaichte agus san Rìoghachd Aonaichte agus bha e ag obair sa ghnìomhachas cùram slàinte agus innealan meidigeach. Bha e cuideachd ann an dreuchdan saor-thoileach a’ toirt taic do fhoghlam nan tràth-bhliadhnaichean agus spòrs òigridh sa choimhearsnachd aige.

Chaidh na daoine ùra a thaghadh às dèidh iomairt trusaidh a tharraing ùidh mhòr bho thagraichean thar farsaingeachd mhòr de dh’earrainnean agus eachdraidhean.

Agus e a’ cur fàilte air na buill ùra, thuirt Alasdair MacColla, Cathraiche na Cùirte:

“Tha caochladh eachdraidhean agus an t-uamhas gnàth-eòlais aig buill ùra na Cùirte againn. Is e an rud a tha cumanta dhaibh uile dealas mòr a thaobh nan toraidhean a choileanas sinn airson ar n-oileanaich agus ar sgìrean. Còmhla ris na buill Cùirte a th’ againn mar-thà, cuidichidh na sàr dhaoine ùra seo ±¬ÁÏTV a bhith a’ leantainn air a’ dèanamh ionnsachadh nas brìoghmhoire, airson gach aon de na h-oileanaich againn agus nan coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.”