±¬ÁÏTV a’ comharrachadh clach-mhìle leis na ciad cheumnaichean ann an optomatrachd-gd

Chomharraich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (±¬ÁÏTV) clach-mhìle chudromach Diardaoin 14 Samhain, nuair a cheumnaich a’ chiad bhuidheann bhon phrògram BSc (le Urram) aca ann an Optomatrachd. B’ e Seansalair ±¬ÁÏTV, A Mòrachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, a bha air ceann an tachartais.

see full size image
Photo credit: Tim Winterburn

Sa chuirm-cheumnachaidh altramais is optomatrachd aige ann an Eden Court ann an Inbhir Nis, chuir ±¬ÁÏTV fàilte air 600 aoigh, agus gàirdeachas ga dhèanamh ris na choilean còrr is 130 de dh’oileanaich ann an altramas is optomatrachd bho na h-àrainnean aige ann an Inbhir Nis is Steòrnabhagh.

Chaidh am BSc (le Urram) ann an Optomatrachd, a’ chiad chùrsa ùr den t-seòrsa ann an Alba o chionn cha mhòr 50 bliadhna, a dhealbhadh gus solar a dhèanamh airson an iarrtais fhàsmhoir air seirbheisean cùram shùl coileanta ann an ceann a tuath na h-Alba, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan dùthchail.

Tha ±¬ÁÏTV air aon den dà stèidheachd, dìreach, ann an Alba a tha a’ tabhann foghlam fo-cheum ann an optomatrachd, agus o chionn ghoirid fhuair am prògram optomatrachd aige làn aonta bho Chomhairle Choitcheann an t-Sùil-leighis. Tha an t-aonta seo a’ daingneachadh dealas ±¬ÁÏTV a thaobh a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan cùram slàinte atharrachail choimhearsnachdan ionadail agus a’ cur ±¬ÁÏTV air thoiseach ann am foghlam cùram lèirsinn anns na sgìrean air a bheil e a’ frithealadh. Chan e a-mhàin gu bheil am prògram a’ dèanamh solar airson an iarrtais làithrich ach tha e cuideachd a’ feuchainn ri inbhean ùra a shuidheachadh ann an cùram lèirsinn airson nan ginealaichean ri teachd.

Chaidh duaisean sònraichte a thoirt seachad aig a’ chuirm cuideachd a chliùiteachadh euchdan air leth. Chaidh an duais airson an oileanaich a b’ fheàrr ann an eòlas optomatrach adhartach, a bha air a sholar le Carthannas nan Siat Eanchainn, a thoirt do Rachel Milne à Inbhir Uaraidh. Thuirt Rachel fhèin:

“Cha b’ urrainn dhomh a bhith na bu taingeile airson an teagaisg agus na taice air leth a fhuair mi aig ±¬ÁÏTV. Tha e na shochair na h-uimhir de optomatraichean agus òraidichean gnàth-eòlach a bhith a’ pàirteachadh an cuid fiosrachaidh agus a’ toirt seachad taic gus na bunaitean a chruthachadh air an gabh cùrsa-obrach soirbheachail a thogail ann an optomatrachd. ’S e baile-mòr beothail a th’ ann an Inbhir Nis làn chothroman agus cosnaidh, an dà chuid an àm a bhith ag ionnsachadh agus an dèidh ceumnachadh. Tha mi moiteil às na rudan a choilean mi aig ±¬ÁÏTV, agus tha e gasta fhèin iad a bhith air an aithneachadh leis an duais seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair gu mòr ri bhith a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a fhuair mi airson cùram a thoirt do dh’euslaintich sa choimhearsnachd.”

Fhuair Kiera Logan à Glaschu an Duais airson Sàr-mhathais ann an Optomatrachd Coimhearsnachd fo urrasaireachd Specsavers, agus an duais airson a’ Choileanaidh Choitchinn a b’ Fheàrr le Oileanach, fo urrasaireachd an Worshipful Company of Spectacle Makers. Agus i a’ bruidhinn air an àm a bha i aig ±¬ÁÏTV agus na duaisean aice, thuirt Kiera fhèin:

“An t-àm a bha mi san oilthigh, bha e gun samhail, oir chan e rud bitheanta a th’ ann duine a bhith ann am buidheann bliadhna bheag mar a bha sinne. Tha mi taingeil do na h-òraidichean uile aig ±¬ÁÏTV airson cho dìcheallach ’s a bha iad a thaobh an fhoghlaim agam agus airson taic a thoirt dhomh tro bhliadhnaichean a bha cruaidh. Tha mi a’ faireachdainn uabhasach moiteil asam fhìn gun do choisinn mi an dà dhuais seo, oir tha e a’ sealltainn mar a fhuair mi buannachd às an an obair chruaidh air fad a rinn mi!"

B’ e Kiera cuideachd a chuir an cèill taing o na h-oileanach aig deireadh na cuirme, is thuirt i fhèin:

“Is e latha anabarrach pròiseil, euchdach agus car beag brònach a th’ againn an-diugh agus sinn a’ fàgail soraidh slàn leis a’ chaibideil seo nar beatha. Don luchd-obrach air fad aig Ionad ±¬ÁÏTV airson Saidheansan Slàinte Dùthchail, tapadh leibh gun robh barrachd annaibh na dìreach luchd-foghlaim. Is e meantoran, luchd-iùil agus iomadh rud eile a bh’ annaibh. B’ e cho dealasach ’s a bha sibh airson an fhoghlaim againn agus nan cùrsaichean-obrach a bhios againn ann an cùram slàinte a bu sholas-iùil dhuinn tro na dùbhlain agus na buaidhean. Tha sinn taingeil airson an eòlais, nan sgilean agus nan luachan a stèidhich sibh annainn.”

Tha ±¬ÁÏTV a’ leantainn air a thuras a thaobh foghlam optomatrachd, is am prògram ùr Maighstir ann an Optomatrachd (MOptom) le Ro-òrdachadh Neo-eisimeileach a’ tòiseachadh ann am foghar 2025. Tha am prògram seo ann an co-chòrdadh ri bun-tomhasan a tha a’ gluasad air aghaidh a thaobh foghlam ann an dreuchd na h-optomatrachd air feadh na RA, agus e ri bhith ag uidheamachadh cheumnaichean san àm ri teachd le sgilean is teisteanasan feabhasaichte.

Faodaidh tagraichean cur a-steach a-nis airson faighinn a-steach san t-Sultain 2025 don phrògram MOptom le Ro-òrdachadh Neo-eisimeileach.