±¬ÁÏTV sa chiad àite ann an Alba airson altramas an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2025
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (±¬ÁÏTV) an dèidh bhith air aithneachadh a bhith sa chiad àite an Alba airson riarachadh oileanaich ann an altramas inbhich agus san dàrna àite airson altramas slàinte inntinn an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO) 2025.
Fhuair ±¬ÁÏTV ìre riarachaidh thar cheann air leth de 92% airson nam prògraman altramas inbhich is slàinte inntinn aige le chèile*, rud a bha gu math na b’ àirde na cuibheasachd na h-earrainn an Alba agus air thosieach air oilthighean eile a tha a’ tairgsinn phrògraman altramais air feadh na h-Alba.
Tha an soirbheachadh seo a’ tighinn an dèidh an treubhais a rinn ±¬ÁÏTV thar cheann an SNO 2025, far an deach a rangachadh sa 4mh àite ann an Alba airson riarachadh oileanaich thar cheann tarsainn nan cuspairean air fad – an rangachadh as àirde a fhuair e riamh.
Bidh an SNO bliadhnail a’ trusadh bheachdan o oileanaich sa bhliadhna mu dheireadh aca air feadh na RA air diofar eileamaidean de na dh’fhiosraich iad a thaobh ionnsachaidh. Tha na toraidhean air leth aig ±¬ÁÏTV a’ freagairt air mathas an ullachaidh aige ann an altramas, agus cho dealasach is a tha e gun soirbhich oileanaich, agus oileanaich a’ rangachadh an oilthigh gu h-àrd a thaobh càileachd an teagaisg, taic acadaimigeach agus goireasan ionnsachaidh.
Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal is Iar-Sheansalair ±¬ÁÏTV:
“Tha na toraidhean seo a’ soilleireachadh dealas agus sàr-eòlas an luchd-obrach againn. Tha altramas aig cridhe is cuislean ar coimhearsnachdan, is tha sinn bròdail gu bheil na h-oileanaich againn ag aithneachadh luach an fhoghlaim agus na taice a tha iad a’ faotainn aig ±¬ÁÏTV.”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Nicola Carey, Ceannard an Ionaid airson Saidheansan Slàinte Dhùthchail:
“Tha sinn anabarrach toilichte gun do choisinn sinn an sgòr a b’ àirde ann an SNO airson a’ phrògraim altramais againn. Tha seo na theist air dealas agus proifeiseantachd an luchd-obrach againn, dìorras agus ainteas nan oileanach againn, agus an co-obrachadh làidir a th’ againn ri ar com-pàirtichean ionadail ann an cùram slàinte.
“Tha an toradh seo a rèir a’ mhisein choitchinn a th’ againn a bhith ag ullachadh luchd-altraim a bhios chan ann a-mhàin barraichte gu clionaigeach ach cuideachd air an uidheamachadh leis na sgilean is an tuigse a bhith a’ solar fheuman choimhearsnachdan eugsamhail air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, biodh sin ann an suidheachaidhean bailteach, iomallach no dùthchail.”
Bidh prògraman altramais ±¬ÁÏTV air an liubhairt an co-bhoinn ri bùird slàinte is solaraichean cùraim ionadail air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus iad a’ toirt gnàth-eòlas luachmhor do dh’oileanaich is gam fàgail ann an deagh shuidheachadh a thaobh so-fhastachd.
Tha tagraidhean airson inntrigeadh ann an Sultain 2025 fhathast fosgailte. Airson tuillidh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh altramas aig ±¬ÁÏTV agus a chur a-steach, tadhlaibh air:
*Tha na toraidhean stèidhichte air ceist 28 (riarachadh thar cheann) airson Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO) 2025, ann an cuspair ‘altramas inbhich’ am measg sholaraichean ann an seata dàta na h-Alba.