Urram do luchd-obrach is oileanaich ±¬ÁÏTV aig Duaisean HISA 2024

Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (±¬ÁÏTV) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus ±¬ÁÏTV.

see full size image
Ceumnaichean a’ comharrachadh aon de chuirmean ceumnachaidh ±¬ÁÏTV 2023. An dealbh le: Tim Winterburn agus ±¬ÁÏTV.

Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (±¬ÁÏTV) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus ±¬ÁÏTV.

Tha na duaisean air an stiùireadh le oileanaich, a’ comharrachadh luchd-obrach agus oileanaich a tha air a dhol fada seachad air an dleastanasan nan dreuchd, a’ toirt brosnachadh agus taic do choimhearsnachd ±¬ÁÏTV. Tha an iomairt seo a’ ceadachadh do dh’oileanaich an taingealachd a nochdadh dhaibhsan a tha air buaidh chudromach a thoirt air an slighe foghlaim.

Fhuaireadh 656 ainmean gu h-iomlan, a’ toirt aithne do dhaoine fa leth mu choinneamh an sàr-mhathais ann an ionnsachadh, ais-fhiosrachadh, taic, agus dreuchdan brosnachail. Is iad na buannaichean:

Sàr-mhathais – Duais Luchd-obrach

  • Shaun Escott, stiùiriche cùrsa Obrachaidhean Loingeis is Mara, ±¬ÁÏTV a Tuath, an Iar is Innse Gall (àrainn Mhalaig)

Sàr-mhathais – Duais Oileanaich

  • Jennifer Mair, ±¬ÁÏTV Moireibh

Duais Ais-fhiosrachadh Measaidh as Fheàrr

  • An Dr Alice Mongiello, ±¬ÁÏTV Inbhir Nis

Duais Taic Ionnsachaidh/Acadaimigeach as Fheàrr

  • Julie Jones, ±¬ÁÏTV Inbhir Nis

Stiùiriche Rannsachaidh no Tràchdais as Fheàrr

  • Iain Robasdan, ±¬ÁÏTV

Riochdaire Guth Oileanaich as Fheàrr 

  • Daniel Ferries, ±¬ÁÏTV Inbhir Nis

Luchd-obrach Taic as Fheàrr (neo-theagasg)

  • Mark Stirling, HTC

Club Spòrsa HISA na Bliadhna

  • Club Spòrs Sneachda

Òraidiche Air-loidhne as Tarraingiche 

  • Pàdruig Moireach, Sabhal Mòr Ostaig

Duais Òraidiche as Brosnachaile

  • Ali Hepburn, ±¬ÁÏTV Arcaibh

An t-Oileanach as Brosnachaile – Roghainn nan Oileanach

  • Jo Greenwood, ±¬ÁÏTV Inbhir Nis

Thaisbean an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas Oileanaich ±¬ÁÏTV, a mhòr-mheas ag ràdh, “Aon uair eile, tha mi air mo bhrosnachadh agus air mo ghluasad le beachdan nan oileanach, a’ togail air buaidh chruth-atharrachail ar luchd-obrach agus ar n-oileanach mhìorbhaileach. Tha na beachdan sin bhon chridhe nam fianais a bharrachd gur e àite air leth airson ionnsachadh a th’ ann an ±¬ÁÏTV.”

Thuirt, Shannon NicChaluim, Iar-Cheann-suidhe Foghlaim HISA, “Tha Duaisean HISA a’ taisbeanadh nan oidhirpean do-chreidsinneach a tha gan coileanadh gus eòlas foghlaim a neartachadh agus coimhearsnachdan làidir a thogail tarsainn ±¬ÁÏTV. Tha dìcheall ar luchd-obrach air a mheas gu mòr le ar n-oileanaich, a’ dèanamh ±¬ÁÏTV mar aon de na h-àiteachan as riarachail airson ionnsachadh ann an Alba. Tha sinn air ar togail gu mòr mun ath bhliadhna acadaimigich!”

Bidh oileanaich ±¬ÁÏTV uile tarsainn a’ chom-pàirteachais a’ faotainn ballrachd gu fèin-obrachail ann an HISA, a’ dèanamh cinnteach gum bi an guthan air an cluinntinn agus air an comharrachadh. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: