Garry Coutts
Cathraiche na Cùirte
B’ e Garry Coutts reachdair an oilthigh fad sia bliadhna mus tà inig e cathraiche na cùirte as t-samhradh 2014.
Tha Garry air a bhith na chathraiche air NHS na Gà idhealtachd fad deich bliadhna. Rè na h-ùine seo tha e air a’ bhuidheann a stiùireadh ann a bhith ag amalachadh slà inte agus cùram sòisealta ann an com-pà irteachas sònraichte le Comhairle na Gà idhealtachd. Ged a tha e fhathast aig ìre thrà th, tha toraidhean an amalachaidh seo gu math brosnachail. Tha à ireamh nas lugha de sheann dhaoine laga a’ cur seachad ùine mhòr ann an ospadal agus, an à ite sin, tha iad a’ faighinn cùram anns na dachannan aca fhèin no ann an à itean coltach ri dachaigh.
Bha e cuideachd os cionn leasachadh Modh-obrach Cà ileachd na Gà idhealtachd a tha ag amas gus cà ileachd a’ chùraim a chur aig an teis mheadhan nuair a thathas a’ dealbhachadh sheirbheisean. Thathas a’ creidsinn, le bhith a’ solar sheirbheisean à rd-ìre, is an neach fhèin aig an teis mheadhan, gum bi na dh’fhiosraicheas euslaintich is luchd-dèiligidh fìor mhath agus gum bi na seirbheisean nas èifeachdaiche cuideachd. Tha NHS na Gà idhealtachd ag obair le com-pà irtichean le cliù eadar-nà iseanta ann a bhith a’ leasachadh an dòigh-obrach seo, a’ gabhail a-steach Institiud Leasachaidh a’ Chùraim-Slà inte ann am Boston agus Clionaig Virginia Masson ann an Seattle.
Is e Garry cathraiche Èisteachd Chloinne na h-Alba a bhios a’ toirt taic do mhìltean de shaor-thoilich a bhios a’ suidhe air pannalan chloinne ann an Alba.
Ron sin bha e na chathraiche air Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba agus na chomhairliche taghte air a’ Ghà idhealtachd agus ann an Dùn Èideann.