Ollamhachd urramach air a buileachadh air ministear às a’ Ghàidhealtachd
Tha ollamhachd urramach air a buileachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ministear a chuir seachad bliadhna mar Mhoderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba agus a phòs càraidean ainmeil. Chaidh an tiotal a thoirt don Fhìor Urramach Susan Brown aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd ±¬ÁÏTV ann an Inbhir Pheofharain Dimàirt 2 Iuchar. Tha seo ag aithneachadh na rinn i airson na h-eaglais agus airson choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Tha an Fhìor Urramach Brown na ministear air a’ Ghà idhealtachd o chionn barrachd is 30 bliadhna. Agus i à Penicuik faisg air Dùn Èideann o thoiseach, rinn i imrich chun na Gà idhealtachd ann an 1985 a sheirbheiseachadh an Eaglais Chill Iùrnain san Eilean Dubh. An dèidh 13 bliadhna, rinn i imrich do Dhòrnach, agus i ann an sin air a’ chiad bhoireannach a bhith air ceann cathair-eaglais san RA.
San dreuchd aice an Cathair-eaglais Dhòrnaich, chùm an Fhìor Urramach Brown seirbheisean-pòsaidh do Madonna is Guy Ritchie agus cuideachd don neach-tionnsgain teicneolais Elon Musk agus a’ bhana-chleasaiche Tallulah Riley. Chaidh a cur an dreuchd na Seaplain don Bhan-rìgh ann an 2011 agus chuir i crìoch air teirm mar Mhoderà tor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Cèitean 2019. Leig an dreuchd seo leatha a bhith a’ coinneachadh ri daoine à iomadh ceà rn de dh’Albainn agus a bhith a’ siubhal don Argantain, Urugaidh, na h-Innseachan agus Pagastà n a dhèanamh deasbad air gnothaichean a’ gabhail a-steach slà inte inntinn, droch-uisneachadh san dachaigh agus dà imhean eadar-chreideamhach.
B’ e Prìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire an Oilthigh, Fiona Larg, a thug a h-ollamhachd urramach don Urramach Brown. Thuirt a’ Bh-uas Larg: “Tha mi cho toilichte gu bheil an t-oilthigh air ollamhachd urramach a bhuileachadh air an Fhìor Urramach Susan Brown. San dreuchd aice, is iomadh rud a choilean i air a’ chiad neach, agus is math a dh’aithnichear i airson a deagh shunnd, cho furasta is a tha e bruidhinn rithe, agus a dòighean practaigeach, ciallach a bhith a’ cuideachadh agus a’ brosnachadh a h-uile duine ris an coinnich i.â€
Thuirt an Fhìor Urramach Susan Brown: “Tha e a’ drùidheadh orm gu mòr gun smaoinichte ormsa airson urram de a leithid agus is mòr an onair dhomh gum faighinn e. Ar leamsa gu bheil Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a’ cur an gnìomh fìor bhuadh na Gà idhealtachd, is e sin a bhith a’ tairgsinn dhòighean cruthachail, innleachdach, furanach do dhaoine a bhith a’ fà s is a’ soirbheachadh.â€
Thuirt an t-Urramach Eachann Moireasdan, Prionnsapal Cholaiste Dhiadhachd na Gà idhealtachd ±¬ÁÏTV, cuideachd: : “Is iomchaidh gun toireadh oilthigh ionadail Susan cliù is urram dhi mar seo airson a h-euchdan comharraichte cho math ris na deicheadan de sheirbheis a thug i do na parraistich aice air a’ Ghà idhealtachd, agus is aoibhinn leinn gu bheil a’ chuirm-cheumnachaidh againn a’ toirt co-theacsa ‘coimhearsnachd de chreideamh is sgoilearachd’ anns an urrainn don oilthigh sin a dhèanamh. Tha seo sònraichte iomchaidh air latha air a bheil sinn a’ faicinn uiread de na ceumnaichean againn a’ dol a-steach do mhinistrealachd ann an caochladh eaglaisean, agus chan ann mar as lugha ann an Eaglais na h-Alba.â€
Bidh Colaiste Dhiadhachd na Gà idhealtachd ±¬ÁÏTV, a chaidh a stèidheachadh o chionn 25 bliadhna, a’ trèanadh oileanaich airson obair Chrìostail, a’ gabhail a-steach ministrealachd aoghaireil, tarsainn caochladh eaglaisean. An Eaglais na h-Alba, is e a’ cholaiste prìomh sholaraiche trèanadh acadaimigeach a-nis, agus i a’ trèanadh barrachd de mhinistearan Eaglais na h-Alba na oilthighean Albannach eile.